Là na ciad bhòt
B' e mo dhùbhlan an-dè a dhol mun cuairt nan dorsan a' feuchainn ri faighinn a-mach ciamar a bhòtadh na pàrtaidhean nuair a thig a' chiad bhòt air a' bhuidseat feasgar.
Seo, saoilidh mi, mar a tha cùisean a' seasamh an-dràsta.
Bhòtaidh na Tòraidhean air a shon aig an ìre-sa. Airson an taic fhaighinn às dèidh sin, bidh aig Iain Swinney ri fianais a thoirt dhaibh gu bheil iad deònach sàbhalaidhean a dhèanamh.
Tha na Lib Deamaich ag iarraidh taic do dhaoine òga gun chosnaidhean agus do ghnìomhachas, a bharrachd air lùghdachadh de thuarasdail àrda anns an roinn phoblaich.
An-dè bha iad ag ràdh gum biodh iad a' feitheamh gus cluinntinn dè chanadh Mgr Swinney mus cuireadh iad romhpa dè dhèanadh iad anns a' chiad bhòt.
An-diugh, ge-tà, tha dùil gun bhòt iad airson a' bhuidseat a chur troimhe.
Cudromach
Le taic bho na Tòraidhean agus na Lib Deamaich thèid am buidseat troimhe don darna ìre.
An uair sin, dheidheadh a sgrùdadh leis na comataidhean aig Holyrood mus tigeadh e air ais airson treas bhòt - tha dùil gun tachair sin air an treas là den Ghearran.
Aig 1130 an-diugh bha an dithis bhall uaine fhathast a' beachdachadh air a' phlana acasan airson a' chiad bhòt.
Dh'fhaodadh a' bhòt acasan a bhith air leth cudromach, mar a bha an-uiridh.
Ach tha gach sùil air labhraiche ionmhas nan Làbarach Anndra Kerr.
Tha dùil gun bhòt na Làbaraich an aghaidh a' bhuidseat an-diugh. Ach chan e sin deireadh na sgeòil.
Ceangal-rèile Ghlaschu
'S e prìomh ghearan nan Làbarach mar a chaidh cuir às do cheangal-rèile phort-adhar Ghlaschu.
Tha iad air a' cho-dhunadh sin a dhubh-chàineadh, ag ràdh gu bheil an SNP a' cur an aghaidh a' bhaile.
Tha iad ag ràdh gu bheil aig Mgr Swinney ri sealltainn càite am faigheadh iad an t-airgead air a shon.
Cha choltach gun gabh aonta a ruighinn eadar an dà phàrtaidh air a' chuspair seo.
Ach chan eil aire nan Làbarach air a' bhuidseat a-mhàin.
Ma bhòtas iad an aghaidh a' bhuidseat air sgàth a' cheangail-rèile 's urrainn dhaibh a' chùis a chleachdadh an aghaidh an SNP aig àm an taghaidh.
Saoil an e plana glic a tha seo?
Am bi luchd-bhòtaidh bhon chòrr den dùthaich cho toilichte?
Agus dè thachras mura tèid am buidseat troimhe a' chiad uair, mar a thachair an-uiridh?
Bidh tuilleadh an seo an-diugh fhathast.