Tionndadh a' Chrìonaidh
Bha Mìcheal Ruiseal ann an Slèite an-dè gus Òraid an t-Sabhail a ghabhail.
Tha Mgr Ruiseal air gluasad gu dreuchd ùr mar Rùnaire an Fhoghlaim agus tha Fiona Hyslop air dleastanas airson na Gàidhlig a ghabhail os làimh.
Ach tha dùil gun cum Mgr Ruiseal sùil gheur air polasaidh na Gàidhlig.
A-raoir chuir e fàilte air proiseact rannsachaidh ùr, air a bheil Soillse, a bheir maoineachadh do naoinear oileanach PhD obair a dhèanamh air leasachadh na cànain.
Agus dh'fhoillsich e £50,000 do MG Alba gus larach-lìn a chruathachadh do luchd-ionnsachaidh.
Ach tha an naidheachd as motha bhon riaghaltas air a' Ghàidhlig fhathast ri thighinn.
Làimhseachadh a' chrìonaidh
Bidh cuimhne aig cuid gun do thadhail an caibineat air Steòrnabhagh san lùnastal.
An uair sin thuirt Mìcheal Ruiseal agus Fiona Hyslop gun obraicheadh iad le Bòrd na Gàidhlig air plana raidigeach airson an àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig a chur am meud.
'S e beachd Mhgr Ruiseal gun robh polasaidh na Gàidhlig gu ruige seo dìreach 'a' làimhseachadh a' chrìonaidh'.
Thuirt iad gun deidheadh am plana fhoillseachadh ro dheireadh na bliadhna, ach tha e nas coltaiche a-nis gun tachair e tràth anns a' bhliadhna ùir.
Tha mi a' tuigsinn gu bheil an riaghaltas a' feitheamh air molaidhean bho Bhòrd na Gàidhlig agus iad an dòchas gum faigh iad sin ron Nollaig.
Cumaidh am blog seo sùil air leasachadh a' phlana seo.
Ach dè bu chòir bhith ann? Fàgaibh na beachdan agaibhse an seo.
BeachdanFàg beachd
--Ach dè bu chòir bhith ann?
--Coimhearsnachd anns a' bheil a' Ghàidhlig a-mhàin