Crathadh na Croitearachd?
Aig a' cheann thall tha Riaghaltas na h-Alba air Bile Ath-leasachadh na Croitearachd fhoillseachadh.
'S urrainn do fheadhainn aig a bheil ùidh anns a' chuspair am bile a leughadh an seo.
Tha an deasbad air a' bhile seo air a bhith a' ruith fad greis mar-thà.
Tha croitearan, buill-pàrlamaid agus daoine anns na coimhearsnachdan air beachdan làidir a thogail mu dheidhinn a' bhile - cuid dhiubh air Radio nan Gàidheal agus BBC Alba.
Gabhaidh am blog seo na beachdan sin cuideachd.
Thèid am bile a-nis tro phroiseas sgrùdaidh na Pàrlamaid agus an riaghaltas airson fhaighinn troimhpe anns a' bhliadhna ùir.
Molaidhean a' bhile
Bha Ministear na h-àrainneachd, Roseanna Choineagan, aig croit ann an sìorrachd Inbhir Nis anns a' mhadainn gus molaidhean a' bhile a mhìneachadh.
Aig cridhe a' bhile tha gnìomhan gus dèiligeadh ri daoine nach eil a' fuireach air na croitean aca air neo a bhios gan cleachdadh mar thaighean sàmhraidh.
Ach chaidh cuid de na planaichean as connspaidiche a thrèigsinn às dèidh ghearrainean bho chroitearan iad fhèin.
Fon bhile thèid ainm Choimisean nan Croitearan atharrachadh gu Coimisean na Croitearachd agus thèid cuid de na buill air a' choimisean a thaghadh.
Nan deidheadh e troimhe bhiodh aig comhairlean ri cead fhaighinn bhon Choimisean mus toireadh iad cead-dealbhachaidh airson taighean a thogail air talamh croite.
Thuirt Roseanna Choineagan an-diugh gun robh croitearachd air leth cudromach do dh'Alba ach gun robh i ann an cunnart.
A bheil i ceart? Agus an dèan am bile seo na tha a dhith airson an suideachadh atharrachadh?
BeachdanFàg beachd
Tha Comataidh Cuisean Duthchail is Arainneachd na Parlamaid a' sireadh bheachdan sgriobhte bhon t-sluagh air Bile Ath-leasachaidh na Croitearachd aig an am seo. Gheibhear fios naidheachd mu rannsachadh na comataidh air:
https://www.scottish.parliament.uk/vli/language/gaelic/g-news/g-news-09/bilecroitearachd.htm
Bidh a' Pharlamaid a' cur failte air fianais anns a' Ghaidhlig.