Tilleadh an dà phàrlamaid
Ma bha e ann idir, tha an samhradh seachad a-nis.
(Tha fios agam, bha samhradh math aig cuid anns na h-Eileanan, nach buidhe dhaibh).
Ach nan robh barrachd fianaise a dhìth, 's ann an t-seachdain seo a thilleas buill - agus luchd-naidheachd - don dà phàrlamaid.
Tha an fheadhainn a chruinnicheas aig Westminster an-diugh air bhioran gus an chluinn iad cò tha suas agus cò tha sìos agus dùil gun dèan Dàibhidh Camshron crathadh air a' chaibineat aige.
'S e seo - cha mhòr - an aon chaibineat a chaidh a chruthachadh as dèidh an là grianaich ud ann an Gàrradh nan Ròs.
Ach tha tòrr rudan eile air atharrachadh on uair sin.
Crathadh
Feuchaidh am prìomhaire ri àite a lorg do Dhàibhidh Laws, a b' fheudar an riaghaltas fhàgail gun ach beagan làithean na dhreuchd.
Tha ceistean gan togail cuideachd mu Rùnaire na h-Alba Mìcheal Moore.
Chaidh ainm Mhing Chaimbeil a cheangal ris an dreuchd - bhiodh e doirbh don phrìomhaire duine bhon phàrtaidh aige fhèin a chur innte - ach thuirt seann cheannard nan Lib Deamach nach biodh e a' feitheamh aig a' fòn.
Chan eil dùil, ge-tà, gun tèid crathadh a thoirt air fìor àrd ìre.
Tha Seòras Osborne sàbhailte, agus chan urrainn do Mhgr Camshron a' bhròg a thoirt do Nick Clegg gun taghadh iarraidh.
Mura h-eil e deònach sin a dhèanamh, feumaidh e cothromachadh a dhèanamh eadar Tòraidhean agus Lib Deamaich anns an sgiopa ùir aige.
Referendum
Tillidh buill-pàrlamaid Albannach a-màireach gus èisteachd ri clàr reachdais Riaghaltas na h-Alba.
Tha dùil gun dearbh am prìomh mhinistear gun tèid bile fhoillseachadh gus referendum a chumail air neo-eisimeileachd.
A rèir clàir-ama an riaghaltais fhèin, thèid am bile a chur air beulaibh na Pàrlamaid tràth anns a' bhliadhna ùir agus iad an dòchas gun cuir a' Bhànrigh a h-ainm ris anns an t-Samhainn, 2013.
Tha dùil agamsa cuideachd gun dearbh Ailig Salmond gun tèid bile a thoirt air adhart am bliadhna gus pòsaidhean gèidh a cheadachadh.
Bidh tuilleadh air seo a-màireach fhèin.
Cò bhiodh ag ionndrainn an t-samhraidh agus an spòrs seo uile a' dol?