15 bile agus bile sònraichte
Dè ur beachd air a' chlàr-reachdais a dh'fhoillsich Ailig Salmond an-dè?
Còig bile deug uile gu lèir, nam measg fear gus pòsaidhean aona-ghnèitheach a cheadachadh, gealltanas cùraim-cloinne shaor an asgaidh agus plana gus seirbhisean slàinte agus sòisealta do dh'inbhich a thoirt còmhla.
Bidh cuid connspaideach, bidh cuid eile doirbh agus toinnte.
Ach 's ann air fear eile a bhios a' mhòr-chuid dhen aire am bliadhna .
Saoil dè tha ann?
Chàin cuid an dàil, ach còrr is còig bliadhna o thàinig riaghaltas nàiseantach gu cumhachd aig Holyrood, thèid bile gus bhòt a chumail air neo-eisimeileachd a chur fo chomhair na pàrlamaid Albannaich.
Aonta
Tachraidh sin tràth anns a' bhliadhna ùir.
Anns an eadar-ama, ge-tà, tha aonta fhathast a dhìth eadar an dà riaghaltas.
Anns an òraid aige an-dè, thuirt Ailig Salmond gun robh dùil aige coinneachadh ris a' phrìomhaire anns na beagan sheachdainean a tha romhainn gus crìoch a chur air na còmhraidhean a lean tron t-samhradh.
Tha dùil cuideachd gu foillsich Riaghaltas na h-Alba toradh a' cho-chomhairleachaidh aca agus gun abair iad gu bheil sin a' nochdadh taic a' mhor-shluaigh airson dàrna ceist air tuilleadh chumhachdan.
'S i a' cheist dè nì Mgr Camshron an uair sin.
Tha an là a' tighinn nas fhaisge nuair a gheibh sinn freagairt don cheist sin.