Barrachd air deasbad Nato
Tha beagan a bharrachd fios againn a-nis mun deasbad a tha air fàire anns an SNP mu bhallrachd Nato.
Cha chuireadh e iongnadh air luchd-leughaidh a' bhloig seo nuair a dhearbh Aonghas Robasdan gun iarradh ceannardan a' phàrtaidh taic na co-labhairt nàiseanta airson atharrachadh polasaidh air a' bhuidhinn dìona.
Fad bhliadhnaichean, mhol an SNP gum biodh Alba neo-eisimeileach a' fàgail Nato, ach tha Mgr Robasdan a-nis airson 's gum bi sinn a' fuireach nar pàirt dhi.
Tha Mgr Robasdan - a bhruidhneas air dìon airson a' phàrtaidh - ag ràdh gun gabh sin a dhèanamh gun an gealltanas aca a bhriseadh gus armachd niùclasach a thoirt far talamh na h-Alba.
Mar a dh'aithris mi roimhe, tha cuid de nàiseantaich gu tur an aghaidh atharrachadh sam bith.
Cha robh iad uile deònach an ainmeanan a chur air adhart roimhe, ach tha cùisean a' fàs nas soilleire a-nis.
Deasbad
Chaidh teagsa an atharrachaidh don ghluasad a thèid a dheasbad aig a' cho-labhairt a sgaoileadh an-dè, gun chead ùghdair, Jamie Hepburn BPA.
'S urrainn dhomh dearbhadh gun robh an teasga ceart.
Tha Mgr Hepburn airson 's gu bhòt am pàrtaidh nach bu chòir Alba fuireach ann an Nato air sgath 's gu bheil e fhathast "na chairdreachas stèidhichte air armachd niùclasach".
Tha mi a' tuigsinn gun tèid co-dhiù aon atharrachadh eile a chur air adhart - le John Wilson BPA - mus bi aig comataidh a' phàrtaidh ri taghadh a dhèanamh airson clàr-ama na co-labhairt.
Nan robh mi gus geall a chur, chanainn gun tèid aig Aonghas Robasdan ris a' pholasaidh ùir fhaighinn troimhe.
Ach tha na daoine a tha na aghaidh ag ràdh gu bheil taic aca aig gach ìre dhen phàrtaidh agus gu bheil iad a' feuchainn ris a' chùis a dhèanamh.
BeachdanFàg beachd
Fàilte air ais Niall.
Bha sinn gad ionndrainn!